Ceithir bliadhna eile do Bhannan

  • 26 An t-Ogmhìos 2017
Bannan Image copyright MG ALBA

Dh'innis MG ALBA gu bheil iad air cùmhnant ceithir bliadhna a thoirt do Young Films airson tuilleadh phrògraman den t-sreath dràma Bannan.

Chithear prògraman ùra air BBC ALBA san t-Sultain, agus tha iad an dòchas gun tèid Bannan a reic ri dùthchannan cèine.

"Tha mi gu math toilichte gun urrainn dhuinn a dhol an sàs ann an cùmhnant ceithir bliadhna eile le Young Films," thuirt Cathraiche MG ALBA, Maggie Choineagan.

"'S e tlachd mòr a tha sin dhan luchd-amhairc, 's e sin an rud as cudromaiche dhuinn, agus tha fhios againn cho mòr 's a tha Bannan a' còrdadh riutha.

"Tha cuideachd gu math cudromach dha na h-actairean, dhan luchd-sgrìobhaidh agus dhan luchd-ealain air fad a tha an sàs ann.

"'S tha mi an dòchas an cois sin nach e a-mhàin gun tèid an obair againne a leasachadh anns an Eilean Sgitheanach, ach 's dòcha gu bheil e a' dol a thoirt cothrom do dhràmathan eile tighinn gu Young Films.

"Tha an ath-shreath a' tòiseachadh anns an t-Sultain, agus tha mi a' coimhead air adhart gu mòr ris.

"Tha sinn ag amas air Bannan a reic gu h-eadar-nàiseanta, agus tha mi an dòchas gun tèid gu math le Young Films ann a bhith a' dèanamh sin.

"Ach tha sinn, anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, air a bhith a' brosnachadh a h-uile duine de na companaidhean neo-eisimeileach feuchainn ri dhol an sàs còmhla ri companaidhean eile, agus 's dòcha seirbheisean eile, eadar-nàiseanta.

"Chan e a-mhàin gu bheil sin a' toirt cliù na Gàidhlig a-mach à Alba, ach tha e cuideachd a' toirt beagan a bharrachd airgid a 's urrainn dhuinn cur ris na tha sinn a' dèanamh a thaobh phrògraman dha na Gàidheil air BBC ALBA.

"Mar sin tha mi gu math toilichte gu bheil suas ri £1m cha mhòr air tighinn a-steach dha na companaidhean, chan ann thugainne, ach tha e air cur ris na prògraman.

"Uaireannan 's dòcha nach urrainn dhut prògram eile a dhèanamh leis, ach tha e a' cur barrachd snas air, 's tha e a' ciallachadh gun urrainn dhut barrachd a chur an sàs. Tha sin gu math cudromach," thuirt i.