CalMac gu Cearrara

  • 26 An t-Ogmhìos 2017
Aiseag Chearrara Image copyright Walter Baxter/Geograph

Gabhaidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn thairis seirbheis aiseig Eilein Chearrara ann an Latharna bho thoiseach na h-ath-mhìos.

Tha an cùmhnant airson na seirbheis ga chur an lùib a' chùmhnant mhòir a th' aig CalMac mar thà airson aiseagan eile a' chosta an iar.

Bidh an duine a tha air a bhith a' ruith aiseig Chearrara fad còrr air 20 bliadhna, Donnchadh MacEachainn, a-nis ag obair dha CalMac, còmhla ris an triùir de sgioba a bh' aige.

Thèid am bàta aigea-san, an Gylen Lady, a chleachdadh treis eile, gus an tig bàta ùr a tha ga thogail ann an Sealtainn dhan t-slìghe nas fhaide den t-Samhradh.