An Cupa Ceilteach le Caol Bhòid

  • 26 An t-Ogmhìos 2017
Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu

Chum Caol Bhòid grèim air Cupa Chomann Ceilteach Ghlaschu le buaidh 3-1 air Camanachd an Òbain.

Chaidh sgioba Thaigh na Bruaich tràth le tadhal bho Dhunky Kerr.

Chuir Kerr tadhal eile dìreach às dèidh letheach-ùine.

Dh'fhuiling sgioba an Òbain buille eile goirid às dèidh sin, Daniel Camshron a' fàgail na pàirce is am ball air a bhualadh na shùil.

Chuir Ruairidh Dòmhnallach às dha dòchas sam bith a bha air fhàgail aig an Òban le tadhal eile is 65 mionaid air a' ghleoc.

Thill Daniel Camshron dhan phàirc is 's e a chuir an tadhal mu dheireadh den là, a' fàgail chùisean 3-1 dha Caol Bhòid air a' cheann thall.

Duais

Chaidh Dunky Kerr ainmeachadh mar shàr-chluicheadair an là.

Ann an Cupa MhicAmhlaidh bidh Baile Ùr an t-Sleibh an aghaidh Lòbhait san iar-chuairt dheireannaich, is an dà sgioba air soirbheachadh Disathairne.

Rinn am Baile Ùr a' chùis air a' Ghearasdan 3-2, is Lòbhat a' dol troimhe 3-0 an aghaidh Loch Abair.

Sa Phrìomh Lìog rinn Ceann Loch Seile an gnothach 2-1 air Ceann a' Ghiùthsaich ann am Bàideanach.

Rinn dà thadhal san dàrna leth bho Fhionnlagh MacRath a' chùis dha Seile.

B' e buaidh chudromach a bha seo is Ceann Loch Seile gun buannachadh anns na còig geamaichean mu dheireadh aca.

Bàrr

Tha iad a-nise dìreach dà phuing air cùl Chaol Bhòid aig mullach na lìge.

Sa gheama lìge eile Disathairne bhuannaich Cill Mhàillidh 3-2 ann an Druim na Drochaid an aghaidh Ghleann Urchadain.

Bha droch là eile aig na Leòdhasaich is Gleann Garadh a' soirbheachadh 10-0 ann an Siabost.

Ann an iomain nam ban tha boireannaich an Eilein Sgitheanaich troimhe dhan chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil.

Thug na Sgitheanaich pronnadh uabhasach air Lòbhat 23-1 ann an geama nuair nach robh ach ochdnar air gach taobh, is trioblaidean aig Lòbhat làn-sgioba fhaighinn.

Bidh na Sgitheanaich an aghaidh Loch Abair sa chuairt dheireannaich, is na h-Abraich air a' chùis a dhèanamh air Obar Dobhair 13-0.

Sa Chupa Dùbhlain bidh Gleann Garadh an aghaidh Àird nam Murchan sa chuairt dheireannaich is an dà sgioba air buannachadh Disathairne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile