Comhairle na Gàidhlig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Comhairle na Gàidhlig

23 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh Gàidheil na h-Albann Nuaidh an sàs anns an deasbad mun ìre de Ghàidhlig ann an taisbeanadh mòr nan Seumasach ann an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Sgrìobh Comhairle na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh chun an Taighe-Tasgaidh, ag ràdh gur e briseadh-dùil uabhasach a th' ann cho beag Gàidhlig 's a bhios san taisbeanadh.

Thuirt Taighean Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba gu bheil cànan is cultar na Gàidhlig a' nochdadh anns an taisbeanadh gu sònraichte ann am pìos mu ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745/46.

Thuirt iad gum faighear teacsa an taisbeanaidh ann an Gàidhlig air loidhne, is gu bheil ceòl Gàidhlig mu na Seumasaich gu bhith aca aig an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta san Lùnastal.

Togaidh cuid de luchd-iomairt a' chànain fianais mun chùis aig an taigh-tasgaidh Disathairne.

Bhruidhinn Eileen NicDhòmhnaill ri Ceann-Suidhe Chomhairle na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh, Dàibhidh MacFhraing.