Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tùr Ghrenfell

Dh'fhoillsich Poilis Lunnainn bho chionn ghoirid gur e reothadair briste a dh'adhbharaich an teine ann an Tùr Ghrenfell anns an deach 79 duine a mharbhadh. Dhearbh am MET cuideachd gun robh an stuth còmhdachaidh a chaidh a chleachdadh anns an togalach air deuchainn sàbhailteachd fhàiligeadh. Dhearbh an t-Superintendent Fiona NicCarmaig cuideachd gu bheil am feachd a' sealltainn ris na h-uimhir de chasaidean eucorra co-cheangailte ris an tubaist, nam measg marbhadh le coire.

Còmhdach Lasrach

Gu ruige seo tha luchd-sgrùdaidh ag ràdh gu bheil iad air còmhdach lasrach a lorg air 11 tùr flataichean ann an ochd sgìrean comhairle ann an Sasainn. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach deach an seòrsa còmhdaich seo a chleachdadh air togalaichean poblach anns an dùthaich seo, ach gu bheil iad a' co-obrachadh le ùghdarrasan ionadail airson dealbh nas cinntiche fhaighinn air an t-suidheachadh.

Brexit

Thuirt Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Junker, nach eil am plana aig Theresa May airson còirichean shaoranach an EU ann am Breatainn a dhìon às dèidh Bhrexit a' dol fada gu leòr. Bha Mgr Junker a' bruidhinn às dèidh dhan Phrìomhaire innse nach biodh aig neach sam bith a bh' air a bhith san Rìoghachd Aonaichte gu laghail airson còig bliadhna ris an dùthaich seo fhàgail, cho fad 's gun toireadh an EU na h-aon chòirichean do Bhreatannaich a tha a' fuireach san Roinn Eòrpa.

Subsadaidhean

Bruidhnidh am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, ri ceannardan àiteachais an-diugh, là às dèidh dha tighinn am bàrr gu bheil Riaghaltas na h-Alba air leudachadh eile iarraidh air a' cheann-ùine airson a bhith a' sgaoileadh airgid shubsadaidh an EU. Dhearbh an Coimisean Eòrpach gu bheil Ministearan airson an ceann-ùine a ghluasad bhon ath-sheachdain gu meadhan an Damhair. B' e seo an dàrna bliadhna sreath a chèile a dh'fhailich e air an Riaghaltas ceann-ùine an CAP a choileanadh.

Qatar

Tha na dùthchannan Arabach a th' air a bhith ag iom-chuairteachadh Qatar bho thoiseach na mìos air sreath de dh'iarrtasan a chur chun an Riaghaltais ann an Doha. Am measg eile tha iad ag ràdh gum feum na Qataraich a' chompanaidh chraolaidh Al Jazeera a dhùnadh, mòran den na ceanglan a th' aca le Ioran a ghearradh, agus ionad airm Tuirceach a dhùnadh. Tha Saudi Aràibia, Bahrain, an UAE agus an Èipheit a' cur às leth nan Qatarach gu bheil iad a' brosnachadh ceannairc, agus tha iad air deich là a thoirt dhaibh airson gèilleadh ris na h-iarrtasan aca.

Inbhir Nis

Agus chaidh leasachadh taigheadais mòr fhoillseachadh airson Inbhir Nis an-diugh. Dh'fhoillsich Ministear Taigheadais agus Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba, Caoimhin Stiùbhart, gun tèid 550 taigh a thogail aig Stratton air taobh sear a' bhaile anns a' chiad phàirt den phròiseact a thòisicheas anns an Lùnastal. Thèid 950 taigh eile a thogail anns na dàrna earrainn den leasachadh, a chosgas £500m, cuide ri ionad coimhearsnachd, goireasan spòrs agus bùithdean.