Iasgach dealain ceum nas fhaisge

  • 23 An t-Ogmhìos 2017
Muirsginnean Image copyright ceridwen/Geograph

Tha iasgach prothaideach airson mhuirsginnean, a' cleachdadh dealain airson an toirt a-mach às a' ghrunnd, air tighinn nas fhaisge, le deuchainnean gus tòiseachadh a dh'aithghearr air cho mòr 's a tha stoc a' mhaoraich ann an uisgeachan na h-Alba.

Tha Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, ag ràdh gun tig feum às.

"Seo mar a tha iad a' dèanamh an rannsachaidh le camarathan air na muirsginnean, a' cunntadh na h-àireamh tholl a tha san làthach," thuirt e.

"A rèir a' mheud aca, gheibh iad a-mach dè am meud a th' anns na muirsginnean anns na tuill a tha sin.

"Tha iad a' faicinn, mar a leudaicheas iad seo a-mach, agus an sgìre a bhios ann, gun dèan iad coimeas a' cunntadh an-àirde an stuic gu lèir.

"An uair sin gheibhear a-mach dè bhios ann agus dè bhios comasach de cheadan a thoirt airson nan diofar àiteachan air feadh Alba.

"Tha an gnìomhachas gu mòr a' dol le seo, agus saoilidh mi gur e seo cothrom gluasad air adhart le stoc a tha a' mhargaidh thall an ear ann an Sìona an sin ag iarraidh gu mòr," thuirt e.