"Tuilleadh fiosrachaidh a dhìth" mu S2S

  • 23 An t-Ogmhìos 2017
Beul Linne Chrombaigh Image copyright Angela MacLean/Geograph

Thuirt ball Gàidhealach aig Holyrood gu bheil feum air barrachd fhiosrachaidh mu phlana gus ola a ghluasad bho shoitheach gu soitheach ann an Linne Mhoireibh.

Thuirt Iain Finnie gu bheil am plana cunnartach, is nach eil am pròiseas tairgse soilleir idir.

Tha Ùghdaras Port Chrombaigh ag iarraidh cead gus ola a ghluasad bho shoitheach gu soitheach aig muir.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad glè mhothachail air cho sònraichte 's a tha an àrainneachd anns a bheil iad ag obair.

Ach tha luchd-iomairt a' cur an aghaidh nam planaichean, is iad ag ràdh gu bheil cunnart mòr ann dhan àrraineachd sin. Tha athchuinge leotha air còrr is 100,000 ainm fhaighinn.

Thill an gnothach do Chomataidh nan Athchuingean Poblach aig Holyrood Diardaoin, is iad a' co-dhùnadh barrachd fhiosrachaidh iarraidh.

Thuirt am BPA Uaineach airson na Gàidhealtachd, Iain Finne, gu bheil na cunnartan ro mhòr.

Thuirt Mgr Finnie, ged a thèid an co-dhùnadh a dhèanamh leis an MCA aig ìre Westminster, nach eil am pròiseas tairgse soilleir idir, is nach eil e follaiseach dè a' bhuaidh a tha aig laghan àrainneachd aig ìre Riaghaltas na h-Alba air cùisean.

Feumar sin a shoilleireachadh, thuirt e, airson seo, is cùisean eile a dh'fhaodadh tighinn am bàrr.