Gealltanas ga iarraidh mu obraichean poilis

  • 23 An t-Ogmhìos 2017
Ionad nam Poileas, Inbhir Nis Image copyright Richard Dorrell/Geograph

Tha ceannard Chomhairle na Gàidhealatachd a' sireadh gealltanais gum bi cosnaidhean stèidhichte ann an Inbhir Nis nuair a dhùineas ionad stiùiridh nam Poileas nas fhaide den bhliadhna.

Tha an naidheachd a' tighinn agus Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal MacMhathain, air innse gum faodadh gun tèid na h-obraichean a roinn eadar Inbhir Nis agus baile Ghlaschu.

Tha dùil gun dùin ionad stiuiridh nam Poileas an Inbhir Nis san Lùnastal.

Dh'innis Coinneach MacAsgaill a bha uair na rùnaire airson ceartais, gum biodh stòr-dàta nàiseanta nam Poileas stèidhichte sa bhaile.

Ach o chionn beagan sheachdainean, dh'innis Mgr MacMhathain gur dòcha gun teid an obair a tha sin a roinn eadar Inbhir Nis agus ionad ann an Glaschu.

Chuir sin an fhearg air daoine air Ghàidhealtachd.

Thuirt ceannard na Comahirle nach deach sin innse dhaibh.

Tha an Comh. Mairead NicDhàibhidh a-niste ag iarraidh barrantais gum bi cosnaidhean stèidhichte aig an ionad an Inbhir Nis.

Coinnichidh i Dihaoine ri Leas-Àrd-Chonstabalan Poileas na h-Alba airson bruidhinn mun chùis.