'Gealltanas' a dhìth mu chosnaidhean

  • 23 An t-Ogmhìos 2017
Ionad stiùiridh nam Poileas

Iarraidh Comhairle na Gàidhealtachd gealltanas gum bi cosnaidhean stèidhichte ann an Inbhir Nis nuair a dhùineas ionad stiùiridh nam Poileas nas fhaide den bhliadhna.

Tha seo a' tighinn an dèidh mar a dh'innis Rùnaire a' Cheartais gum faodadh na h-obraichean a bhith air an roinn eadar Inbhir Nis agus Glaschu.

Coinnichidh ceannard na Comhairle, Mairead NicDhàibhidh, ri Leas-Àrd-Chonstabalan Phoileas na h-Alba Dihaoine 'son a' chùis a thogail.

Tha dùil gun dùin ionad-stiùiridh nam Poileas an Inbhir Nis san Lùnastal.

Mì-chinnt

Dh'innis Coinneach MacAsgaill a bha na Rùnaire airson ceartais aig aon àm, gum biodh stòr-dàta nàiseanta nam Poileas stèidhichte sa bhaile.

Ach bho chionn beagan sheachdainean, dh'innis Rùnaire a' Cheartais, Mìchael MacMhathain, gur dòcha gun tèid an obair sin a roinn eadar Inbhir Nis agus ionad ann an Glaschu.

Chuir a naidheachd an fhearg air daoine air a' Ghàidhealtachd, agus bha a' Chomhairle mì-thoilichte cuideachd, ag ràdh nach deach sin innse dhaibh ro làimh.

Tha an Comh. NicDhàibhidh a-nis ag iarraidh barantais gum bi cosnaidhean stèidhichte aig an ionad an Inbhir Nis.