Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Diùc Dhùn Èideann

Chaidh innse anns an leth-uair a dh'fhalbh gu bheil Diùc Dhùn Èideann air an oidhche a chur seachad anns an ospadal. Thuirt Lùchairt Bhuckingham gun robh e a' fulang ri linn galair, ach gun robh iad dìreach airson sùil nas gèire a chumail air an sin anns an ospadal.

Òraid na Ban-Rìghinn

Tha seo a' tighinn agus a' Bhan-Rìgh a' dèanamh air Lùchairt Westminster airson Òraid na Ban-Rìghinn a thoirt seachad anns an uair de thìde a tha romhainn, agus dùil gun tèid prìomhachas a thoirt do Bhrexit, agus planaichean an Riaghaltais gan cur an cèill. Tha dùil cuideachd gum bi bileachan air ceannairc, agus sàbhailteachd air-loidhne cuideachd air ainmeachadh, ged a tha na Tòraidhean air grunn rudan a bha sa mhanifesto aca a leigeil seachad leis gu bheil iad gann air mòr-chuid. Tha seo a' tighinn agus ministearan air a ràdh gun toir e ùine dhaibh aonta a ruighinn leis an DUP. Bha dùil ri aonta eadar an dà phàrtaidh bho chionn cola-deug, ach cha tàinig sin. Tha ceannard an DUP, Arlene Foster, air a ràdh ge-tà, gu bheil e ceart agus iomchaidh gun cuir am pàrtaidh taic ri Òraid na Ban-Rìghinn nuair a bhios bhòt air air an ath-sheachdain.

Ìle

Chaidh cead a thoirt do phròiseact cumhachd ath-nuadhachail far Eilein Ìle a chruthaicheas còrr air 30 cosnadh anns an sgìre. Thèid 30 inneal cumhachd mara a chur fon uisge anns an t-sruth chun an iar-dheas air an eilean, agus tha dùil gun cruthaich am pròiseact gu leòr dealain airson cumhachd a chumail ri 18,000 dachaigh ùile gu lèir. Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air an naidheachd, ag ràdh gu bheil cothroman mòra an lùib phròiseactan ath-nuadhachail den leithid.

Sochairean Sòisealta

Chaidh bile gus a' chiad shiostam shochairean sòisealta Albannach a stèidheachadh a chur mu choinneimh Pàrlamaid Holyrood madainn an-diugh. Bheir am pìos reachdais cothrom do Riaghaltas na h-Alba 11 sochair ùr a stèidheachadh. Bidh cumhachd ann cuideachd gus suimeannan a bharrachd a chur ris na sochairean a tha a' tighinn mar thà à Westminster.

Sgoil Ghàidhlig

Chaidh draghan a thogail mun làraich a tha san amharc aig Comhairle Baile Ghlaschu airson na treas sgoil Ghàidhlig anns an sgìre aig coinneimh an-raoir. Bha cuid ag iarraidh air a' Chomhairle dàil a chur anns a' phròiseas ann an oidhirp làrach eile a lorg seach làrach Sgoil Ghowanbank ann am Pollok. Thuirt Dùghlas Moireasdan bho Chomhairle nam Pàrant aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu nach robh e furasta làrach a lorg ann am baile mòr leithid Ghlaschu, agus gum feumadh cabhag a bhith sa chùis leis an iarrtas a th' ann airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

Maoineachadh Sgoiltean

'S tha comhairlichean na Gàidhealtachd ag iarraidh air companaidhean taigheadais barrachd airgid a chur a dh'ionnsaigh sgoiltean ann an sgìre Inbhir Nis. Ged a ghabh iad ri planaichean airson 100 taigh ùr a thogadh Tulloch Homes aig Muileann an Lèigheis, bha dragh ann nach robh mòran rùm air fhàgail ann an sgoiltean na sgìre, agus grunn phlanaichean eile san amharc airson taighean ann an ceann a deas Inbhir Nis.