Dùil ri 30 cosnadh an Ìle

  • 21 An t-Ogmhìos 2017
Ìle Image copyright Douglas Wilcox/Geograph

Chaidh cead a thoirt do phròiseact chumhachd ath-nuadhchail far Eilein Ìle, agus dùil gun tèid grunn chosnaidhean a cruthachadh anns an sgìre ri linn.

Thèid brath a ghabhail air an t-sruth mhara, airson cumhachd a chruthachadh.

Tha dùil gun tèid còrr air 30 cosnadh a chruthachadh an cois na sgeama, a bhios stèidhichte an iar-dheas air Ìle.

Thèid 30 inneal cumhachd mara a chur fon uisge.

Tha dùil gun cruthaich am pròiseact cumhachd gu leòr airson an dealan a chumail ri 18,000 dachaigh uile gu lèir, timicheall air 30MW.

Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air an naidheachd, ag ràdh gu bheil cothroman mòra an lùib phròiseactan ath-nuadhachail de a leithid.

Thuirt iad cuideachd gun cuir an naidheachd ris na h-amasan aca a thaobh blàthachadh na Cruinne, agus cumhachd glan a chruthachadh.