Misneachd sa Chuan a Tuath

  • 21 An t-Ogmhìos 2017
Clàran-ola Image copyright David Dixon/Geograph

Tha còrr is an dàrna leth de chompanaidhean na h-ola 's a' ghas ag ullachadh airson fàs, a dh'aindeoin prìs ìosail na h-ola.

Sin a rèir rannsachaidh ùir bho Bhanca na h-Alba.

Tha aithisg bhliadhnail Bhanca na h-Alba mu roinn na h-ola 's a' ghas ag ràdh gu bheil cha mhòr 40% de chompanaidhean a' faireachdainn misneachail mun àm ri teachd. Sin an taca ri dìreach 2% an-uiridh.

Thàinig cuideachd lùghdachadh air an àireimh de chompanaidhean a tha an dùil cosnaidhean a ghearradh.

Thuirt còrr is an dàrna leth de chompanadhean gu bheil iad an dùil luchd-obrach a bharrachd fhastadh sa bhliadhna a tha romhainn.

Ach ged a tha dòchas ann, tha an aithisg cuideachd ag ràdh gu bheil trioblaidean a' leantainn am measg eile mu chosgaisean agus le mì-chinnt mu Bhrexit.