Boyce air falbh gu deas

  • 20 An t-Ogmhìos 2017
Liam Boyce Image copyright SNS

Tha Liam Boyce air Ross County fhàgail is e a' gluasad gu deas le Burton Albion.

Chuir Boyce 23 tadhail do Chounty sa Phrìomh Lìog air an t-seusan a chaidh - barrachd na chuir duine eile san lìog.

Bha fathanan gu leòr ga chuairteachadh, is tha Burton Albion a-nise air dearbhadh gu bheil iad air Boyce a cheannach.

Cha deach an t-suim airgid fhoillseachadh, ach gur e an t-suim as motha a phàigh Burton a-riamh.

Ron sin, 's e Jackson Irvine an cluicheadair as cosgaile a bh' aca - fear eile a thàinig à Ross County - aig prìs timcheall air £300,000.

Thuirt manaidsear Chounty, Jim Mac an t-Saoir, gun robh fios aca gum biodh e fìor dhoirbh Boyce a chumail.

Chuir e meal a naidheachd air an Èireanach, is thuirt e gu bheil e cinnteach gun soirbhich leis ann an Sasainn.