Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Barclays

Chaidh casaidean foill a chur às leth Banca Barclays agus ceathrar a b' àbhaist a bhith nan àrd-oifigearan anns a' chompanaidh. Tha seo a' leantainn air rannsachadh còig bliadhna a chaidh a dhèanamh le Oifis na Droch Fhoill, air mar a thog Barclays maoin èiginn ann an 2008 aig àm staing a' chreideis. Fhuair am banca na billeanan notaichean bho luchd-tasgaidh ann an Qatar, agus iad a' feuchainn ri airgead an Riaghaltais a sheachnadh. Thèid a' chùis gu lagh air an ath-mhìos.

Drochaid Phort na Ban-Rìghinn

Fosglaidh drochaid ùr Linne Fhoirthe gu carbadan air an 30mh là den Lùnastal. Thèid Drochaid Phort na Ban-Rìghinn an uair sin a dhùnadh eadar an 2na agus an 3s là den t-Sultain ach am faigh daoine cothrom a bhith a' coiseachd tarsainn oirre. Bidh 50,000 àite ri fhaotainn do dhaoine a th' airson cuairt a ghabhail air an drochaid, 's thèid baileat a chumail airson na h-àiteachan sin a lìonadh.

Pàrlamaid na h-Alba

Chuir ath-sgrùdadh neo-eisimeileach sreath de mholaidhean air adhart air mar as urrainnear piseach a thoirt air obair na Pàrlamaid Albannaich. Tha Coimisean Ath-Leasachaidh na Pàrlamaid ag ràdh gum bu chòir barrachd ùine a chur mu seach airson a bhith a' sgrùdadh laghan ùra, agus gum bu chòir cur às dhan riaghailt gum feum ceistean chun a' Phrìomh Mhininsteir a bhith air am foillseachadh ro làimh. Ach tha an Coimisean cuideachd air co-dhùnadh nach eil feum fhathast air Pàrlamaid dhà sheòmrach ann an Alba , no barrachd Bhall-Pàrlamaid.

Siria

Chuir Riaghaltas Astràilia stad rè ùine air na h-itealain chogaidh aca a bhith a' sgiathadh ann an speuran Shiria. agus na Ruiseannaich air rabhadh a thoirt gun comharraich iad plèanaichean na co-bhanntachd mar thargaidean. Tha seo a' leantainn air mar a chaidh itealan Sirianach a leagail às an adhair le plèana Aimeireaganach air an deireadh-sheachdain. Thuirt na h-Aimeireaganaich gun robh am plèana Sirianach a' toirt ionnsaigh air buidhinn mhailisi a bha a' sabaid an aghaidh na Stàite Ioslamaich.

Pròiseactan Calpa

Dhearbh an Seansalair gu bheil an Riaghaltas a' beachdachadh air dòighean gus companaidhean a chuideachadh le barrachd airgid a chosg air pròiseactan calpa. Thuirt Philip Hammond gur dòcha gum biodh an Rìoghachd Aonaichte deònach fhathast a bhith a' sireadh taic-airgid bho Bhanca Tasgaidh na Roinn Eòrpa fiù 's às dèidh dhan Rìoghachd Aonaichte an EU fhàgail.

Seirbheis Slàinte na h-Alba

Tha Seirbheis Slàinte na h-Alba fada air dheireadh ann a bhith a' coileanadh nan targaidean feitheimh airson euslainteach a tha a' fulang le trioblaidean nan altan, le an cràmhan no le am fèithean. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bu chòir do cho-dhiù 90% de dh'euslaintich lìghiche speisealta fhaicinn an taobh a-staigh ceithir seachdainnean. Ach tha àireamhan ùra a' sealltainn, eadar am Faoilleach agus am Màrt, gun robh an ìre a' seasamh aig dìreach 55%.