Iarrtas son casg-astair a lùghdachadh le rathaidean nas trainge

  • 20 An t-Ogmhìos 2017
Seirbheis aiseig eadar Cille Chòmhain agus Tobar Mhoire Image copyright Stuart Wilding/Geograph

Tha coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd 'son an casg-astair ceadaichte tron sgìre a lùghdachadh ri linn rathaidean nas trainge.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Àrd nam Murchan an Iar ag ràdh bheil barrachd trafaig air an B8007 às dèidh lùghdachaidh air faraidhean aiseig.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil faraidhean RET air an t-seirbheis eadar Cille Chòmhnain agus Tobar Mhoire air àrdachadh adhbhrachadh anns an àireamh de charbadan air an rathad.

Tha iad airson an casg-astair eadar Cille Còmhain agus Ormsaig Beag a ghearradh bho 40 gu 30 mìle san uair.

Beachdachaidh buill aig Comhairle na Gàidhealtachd air an iarrtas Dihaoine.

Tha RET a' cothromachadh phrìsean son ticeadan gus am biodh iad aig an aon ìre ri cosgaisean siubhail air an rathad.

Chaidh an siostam seo a chur an sàs air seirbheisean aiseig Chaledonian Mhic a' Bhriuthain.

Thèis na molaidhean son an casg-astair a lùghdacheadh a mheasadh le Comataidh Loch Abair aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile