Cion-àiteachan air aiseagan nan Eilean Siar

  • 21 An t-Ogmhìos 2017
Loch Seaforth

Thàinig e am follais gu bheil mòran de sheirbheisean-aiseig gu ruige nan Eilean Siar as t-Samhradh làn mar-thà.

Tha e coltach gu bheil an Loch Seaforth eadar Steòrnabhagh agus Ulapul làn mar-thà airson mòran de na seòlaidhean gach Disathairne gu meadhan an Lùnastail.

Airson grunn bhliadhnaichean a-nis, tha an aon trioblaid air a bhith air aiseagan Uibhist tro mhìosan an t-Samhraidh.

Thèid ceist a thogail aig coinneimh eadar riochdairean Comhairle nan Eilean Siar agus Rùnaire na Còmhdhail Humza Yousaf aig deireadh na seachdain.

Cuideam

Thuirt Cathraiche Còmhdhail na Comhairle, Uisdean Robasdan, gu bheil iad mothachail air a' chuideam a th' air Cal Mac na seirbheisean a ruith.

"Tha àireamhan luchd-turais air a dhol suas gu mòr am-bliadhna, agus tha e doirbh fhaicinn ciamar a thèid faochadh a lorg airson sin," thuirt e.

Tha Mgr Robasdan ag ràdh gu bheil ceistean ann cuideachd mun bhuaidh aige san ùine fhada.

"Ma tha sinn a' coimhead air an àireimh luchd-turais fhàs anns na bliadhnaichean a tha romhainn, chan eil teagamh ann gum feum sinn coimhead ann an doimhneachd air dè an dòigh as fheàrr air sin a dhèanamh," thuirt Mgr Robasdan.