Taic eile do choimhearsnachd a' Gharbh Uillt

  • 20 An t-Ogmhìos 2017
GACI Image copyright GACI
Image caption Stiùirichean na buidhne-coimhearsnachd

Dh'innis coimhearsnachd a th' air a' chrìch eadar Gallaibh is Cataibh gu bheil airgead gu leòr aca a-nis gus an oighreachd aca a cheannach.

Tha a' choimhearsnachd ann an Garbh Allt air còrr is £300,000 a thogail.

Fhuair a' choimhearnsnachd £250,000 na bu tràithe air a' bhliadhna bho Stòras an Fhearainn.

Chaidh innse a-nis, gun tàinig an tuilleadh airgid bho Phròiseict Bheatrice, ceangailte ri pròiseact chumhachd ath-nuadhachail faisg air làimh.

Tha sin a' ciallachadh gum faod a' choimhearsnachd Oighreachd Bhun Ilidh an Iar a cheannach, a' toirt a-steach 3,000 acair de thalamh croitearachd.

Thuirt Anna Fhriseal, cathraiche na buidhne-coimhearsnachd, gu bheil iad air an dòigh agus gun gluais iad air adhart gus an talamh a cheannach bhon uachdaran, Oighreachdan Chataibh.

Thuirt i gum bi coinneamhan aca gus innse dè dìreach na planaichean a th' aca, le cothrom aig a h-uile duine beachd a thoirt seachad.