Gainnead thaighean san Eilean Sgitheanach

  • 20 An t-Ogmhìos 2017
Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Chuala coinneamh de Chomataidh Sgìreil Eilean a' Cheò ann am Port Rìgh gum feumar ceumannan innleachdail a ghabhail gus dèiligeadh ri gainnead thaighean san Eilean Sgitheanach.

Chuala a' choinneamh cuideachd gu bheil an àireamh de theaghlaichean a tha gun dachaigh air èirigh bho 15 an-uiridh gu còrr is 30 am-bliadhna.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Calum MacLeòid, gur e mar a tha margaidh turasachd an eilein air fàs gu mòr a th' air cùlaibh an àrdachaidh.

"Leis mar a tha turasachd a' dol am meud, tha uachdarain phrìobhaideach a' faicinn cothrom choimearsalta ann, a dhol a-steach dhan roinn sin," thuirt e.

A rèir chomhairliche eile, Iain Fionnlasdan, feumar coimhead air mar as urrainnear daoine aig a bheil taighean a bhrosnachadh an cur a-mach air màl gu daoine a tha a' fuireach san sgìre, seach luchd-turais.

Spionnadh

"Chan eil na taighean againn a b' abhaist a bhith againn.

"Tha grunn dhaoine ag obair air AirBnB neo B&B fhèin, agus mar sin chan eil na taighean againn," thuirt e.

Thuirt Mgr Fionnlasdan cuideachd gur dòcha gum feum coimhead air suimean-airgid a thoirt do dhaoine a tha ag amas air a' mhargaidh thurasachd, airson spionnadh a thoirt dhaibh.

Ach tha an Comh. MacLeòid ag ràdh nach eil iad air ìre a ruighinn far am feum iad iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs sa chùis.

"Tha Riaghaltas na h-Alba air suim mhòr a thoirt seachad air a' Ghàidhealtachd airson taighean air prìsean reusanta, agus ag obair le Comhairle na Gàidhealtachd, tha mi an dòchas gum bi sin gu leòr an-dràsta co-dhiù," thuirt e.