Draghan gan togail mu sheirbheisean-iùil

  • 20 An t-Ogmhìos 2017
Comhairle nan Eilean Siar

Togaidh Comhairle nan Eilean Sìar dragh mu phlanaichean gus crathadh a thoirt air seirbheisean-iùil nan itealan anns na h-Eileanan.

Coinnichidh riochdairean na Comhairle ri Rùnaire na Còmhdhail, Humza Yousaf, aig deireadh na seachdain mu mholadh gus seirbheisean an eilein a ruith aig astar à Inbhir Nis.

Bha seo am measg grunn mholaidhean a thàinig bhon bhuidhinn Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean Eta (HIAL), 's iad ag ràdh gu bheil iad a' rannsachadh nan cothroman a tha an cois teicneòlais ùir.

Tha seo a' gabhail a-steach Steòrnabhaigh ann an Leòdhas, Beinn nam Fadhla, Baile na h-Eaglaise ann an Arcaibh agus Sumburgh ann an Sealtainn.

Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil adhbhar dragh ann.

Goireasach

"A reir choltais, tha duilgheadas aig HIAL luchd-obrach fhaighinn aig na puirt-adhair as lugha," thuirt e.

"Tha iad ag ràdh gur ann air sgàth 's sin a tha iad a' coimhead air seo.

"Feumaidh sinne a dhèanamh cinnteach, gu bheil - ge bith dè thachras aig na puirt-adhair againn fhèin - rudeigin ann a tha goireasach agus sàbhailte aig deireadh an là," thuirt Mgr Robasdan.

Thuirt HIAL gun robh iad aig ìre gu math tràth san rannsachadh air teicneòlas ùr a dh'fhaodadh cur ri seasmhachd na seirbheis-iùil.

Thuirt iad nach deach co-dhùnaidhean sam bith a ruighinn air a' chùis.