North Coast 500 a' tàladh luchd-turais

  • 19 An t-Ogmhìos 2017
North Coast 500 Image copyright Steve Carter

Thug slighe ùr a North Coast 500 29,000 luchd-turais a bharrachd gu sgìre na Gaidhealtachd, a-rèir sgrùdaidh.

Chuir an slighe £9millean ri eacoanamidh na sgìre cuideachd.

Rinn sgioba bho Ionad Rannsachaidh Fastaidh agus Treànaidh Oilthigh Ghlaschu sgrùdadh air a' chiad bhiadhna den t-slighe a chaidh a thòisdeachadh ann an 2015.

Tha còrr air 500 mìle air an t-slighe air fad - agus tha e a gabhail a-steach rathaidean san Eilean Dubh, ann an Gallaibh, Cataibh agus taobh Siar Rois.

Tha iomadach rathad dùbhlannach air an t-slighe cuideach - Bealach na Ba faisg air a' Chomraich nam measg.

A-rèir an rannsachaidh, a rinneadh do HIE, dh'àrdaich an àireamh luchd turais 26% 's na sgìrean sònraichte as a bheil na rathaidean, an coimeas ri àrdachadh de 6% airson an còrr den sgire.

Dh'èirich an trafaig air na rathaidean 10% agus thàinig buannachd do dhaoine le gnìomhachasan de gach seòrsa air na slighean.