Boireannach sa chùirt às dèidh sàthaidh an Inbhir Nis

  • 19 An t-Ogmhìos 2017
Poilis

Tha boireannach air nochdadh sa chùirt an Inbhir Nis às dèidh do bhoireannach a bhith air a sàthadh sa bhaile trath madainn Didòmhnaich.

Chaidh poilis a ghairm gu taigh ann an sgìre Suilven Way mu 05:10 Dìdòmhnaich às dèidh aithrisean mu aimhreit.

Chaidh boireannach aois 30 a dhroch ghoirteachadh nuair a chaidh a sàthadh.

Chaidh am boireannach a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Thuirt na poilis nach robh i ann a cunnart a beatha, ged a bha i air a leòn gu dona.

Nochd boireannach aois 23 sa chùirt Diluain fo chasaidean meirle bho dhachannan ann am Millerton View agus Suilven Way agus ann co-cheangail ris an ionnsaigh.