Planaichean gus Margaidh Bhictoria ùrachadh

  • 19 An t-Ogmhìos 2017
Victorian Market Image copyright Colin Smith/Geograph

Bidh comhairlichean Chomhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air planaichean gus margaidh eachdraidheil Inbhir Nis a' leasachadh.

Coinnichidh buill de chomataidh baile Inbhir Nis Diluain a bhruidhinn air aithisg anns a bheil grunn roghainnean airson a' mhargaidh ùrachadh.

A-measg na molaidhean, tha sgeama airson gnothachasan ùra a thàladh chun na làraich agus na bùitean a th'ann a sgeadachadh agus a dhèanamh nas snoige.

Tha cuideachd moladh ann manaidsear fhasdadh a bhiodh a' ruith Margaidh Bhictoria agus a' bhiodh a' sanasachd na th'anns an ionad.

'S ann le Stòras Coitcheann Inbhir Nis a tha Margaidh Bhictoria ann am meadhan prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Bha grunn bhuidhnean an-sàs anns an aithisg a chaidh a dhealbh. Nam measg, bha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga.

Thuirt Daibhidh Richardson bhon FSB gu faodadh Inbhir Nis ionnsachadh bho àiteachan eile leithid House of Bruar ann an Siorrachd Pheairt.

Eachdraidh

Thuirt Mgr Richardson gu faodaiste barrachd a dhèanamh den eachdraidh a tha co-cheangailte ris a' mhargaidh agus gu faodaiste tachartasan sònraichte a chuir air chois lethid cuirmean-ciùil is theatar.

Thuirt e cuideachd gu robh meadhan a' bhaile air fad feumach air togail agus gu bheil am margaidh na phàirt chudromach den sin.

Dh'fhaodadh na leasachaidhean a tha san amhairc a bhith na bhuannachd dhan sgìre air fad, chan ann dìreach do dh' Inbhir Nis a-mhàin, a-rèir Mhgr Richardson.