Nighean-sgoile a dhìth san Eilean Sgitheanach

  • 19 An t-Ogmhìos 2017
Jessica Jones Image copyright POLICE SCOTLAND

Tha na poileis ann am Port Righ a' feuchainn ri lorg fhaighinn air caileag sgoile a tha air a bhith dhìth bho mhadainn Diluain.

Chaidh Jessica Jones, aois 15 bliadhna, fhaicinn mu dheireadh aig Àrd-Sgoil PHort Righ mu leth-uair às dèidh aon uair deug.

Thuirt na poileis gu bheil iad a' sior fhas iomaganach mu deidhinn, agus bu toil leotha fiosrachadh fhaighinn.

Tha Jessica coig troighean agus seachd oirlich de dh'àird, tana, agus falt fada bàn curlach oirre.

Bha briogais dhubh oirre, lèine gheal, agus bha i a' giulain poca-droma.