Sreapadair air a thogail às dèidh iomairt 'thoinnte'

  • 19 An t-Ogmhìos 2017
Iomairt theasairginn aig Creig an Fhasgaidh Image copyright Braemar Mountain rescue
Image caption Bha an iomairt "toinne agus teicnigeach" a-rèir nan sgiobaidhean teasairginn.

Tha sreapadair air a bhith a' faighinn leigheis san ospadal às dèidh dha tuiteam aig Creag an Fhasgaidh ann am Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh feasgar Disathairne.

Bha sgiobaidhean teasairginn à Bràigh Mharr, Obar Dheathain agus Sgioba a' Mhonaidh Ruaidh uile an sàs anns an iomairt.

Rinn heileacoptair nam maor-cladaich cobhair air às dèidh iomairt theasairginn a mhair dusan uair a thìde.

Thuirt Sgioba Teasargainn Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh gu robh an iomairt "gu math technigeach agus doirbh".

'S e seo an 7mh turas a chaidh cuid de na sgiobaidhean a ghairm taobh a-staigh seachd là.

Image copyright Cairngorm Mountain Rescue
Image copyright Cairngorm Mountain Rescue
Image copyright Cairngorm Mountain Rescue
Image copyright Braemar Mountain Rescue
Image copyright Braemar Mountain Rescue

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile