Taigh-tasgaidh Nàiseanta "a' dèanamh dìmeis" air a' Ghàidhlig

  • 19 An t-Ogmhìos 2017
Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba Image copyright Ansaharju
Image caption Bidh taisbeanadh mòr anns an taigh-tasgaidh mun Phrionnsa Teàrlach agus na Seumasaich.

Tha ollamh Gàidhlig ag ràdh gu bheil Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a' dèanamh dìmeis air a' chànan.

Tha Wilson MacLeòid mì-thoilichte leis an ìre de Ghàidhlig a th' ann an taisbeanadh mòr mu na Seumasaich aig an taigh-tasgaidh ann an Dùn Èideann.

Tha e ag iarraidh gun tèid Bòrd na Gàidhlig an-sàs anns a' chùis.

Tha dùil aig a' bhuidheann iomairt Ghàidhlig, Misneachd, fianais a thogail taobh a-muigh an taigh-tasgaidh agus iad fhèin mì-thoilichte.

Thuirt an t-Oll. MacLeòid gu bheil eachdraidh nan Seumasach bunaiteach do dh'eachdraidh is cultar nan Gàidheal.

Cridh Cultar na Gàidhlig

"Tha cothrom aca rud beag a-mach às an àbhaist a dhèanamh an triop seo.

"Mar a bha le taisbeanadh eile a bh'aca air na Ceiltich bho chionn dà bhliadhna air ais, a-rithist bha daoine den bheachd nach d'rinnear gu leòr a-thaobh na Gàidhlig anns an taisbeanadh a bha sin.

"Tha an taisbeanadh seo fiu 's nas fhaisge air cridhe cultar na Gàidhlig.

"Agus bhon litir a fhuair mi bho cheannard an taigh-tasgaidh, chanainn gu bheil iad a' dèanamh fiù 's nas lugha an triop seo taobh na Gàidhlig agus tha sin tàmailteach.

Thuirt Taighean Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba gu bheil cànan is cultar na Gàidhlig a' nochdadh anns an taisbeanadh gu sònraichte ann am pìos mu aramach nan Seumasach ann an 1745/46.

Thuirt iad gum faighear teacsa an taisbeanaidh ann an Gàidhlig air loidhne, is gu bheil ceòl Gàidhlig mu na Seumasaich gu bhith aca aig an taigh-tasgaidh nàiseanta san Lùnasdal.