Buille eile dhan Bhaile Ùr

  • 18 An t-Ogmhìos 2017
Lòbhat is Baile Ùr an t-Slèibh Image copyright Neil G Paterson
Image caption Bha droch là aig Baile Ùr an t-Slèibh ann an Cill Targhlain

Dh'fhuiling Baile Ùr an t-Slèibh buille eile nan oidhirp Prìomh Lìog na h-iomain a ghlèidheadh, is iad a' call 1-0 ri Lòbhat.

Às dèidh dhaibh an seusan a thòiseachadh gu slaodach, bha am Baile Mòr air 4 geamaichean a bhuannachadh ann an sreath, cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais nam measg.

Thug sin dhaibh dòchas gum b'urrainn dhaibh a' bheàrn aig mullach na lìge a ghearradh, is iad ag amas air an tiotal 'son an ochdamh turas ann an sreath.

Tha sin gu bhith doirbh a-nise is iad air call ann an Cill Targhlain Disathairne.

Cha robh ach aon tadhal sa gheama, Greg MacMhathain leis às dèidh 40 mionaid gus Lòbhat a thogail os cionn a' Bhaile Ùir san lìog.

Cha do chaill sgioba Bhàideanach geama lìge idir an-uiridh, ach tha iad a-nise air 3 a-mach à 8 a chall mar-thà am-bliadhna.

Briseadh-dùil

Bha briseadh-dùil ann cuideachd dha Ceann Loch Seile.

Chaill Seile iad fhèin san lìog 'son a' chiad turas an t-seachdain seo chaidh, is leig iad às puing eile Disathairne ann an Drochaid an Aonachain.

Chaidh iad air thoiseach tro Phòl MacRath às dèidh leth uair a thìde, ach shàbhail Stiùbhart Callinson puing dha Loch Abar le tadhal san darna leth.

Tha trioblaidean a' Bhaile Ùir is Cheann Loch Seile a' fàgail Chaol Bhòid ann an suidheachadh nas làidire aig mullach na lìge, is rinn sgioba Thaigh na Bruaich adhartas cuideachd ann an Cupa MhicAmhlaidh aig an taigh Disathairne.

Rinn Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal na b'fheàrr air pàirc far an robh iad air call 3-0 is 7-0 anns na beagan sheachdainean a dh'fhalbh, ach bha Caol Bhòid fhathast ro mhath, dà thadhal bho Dunky Kerr gan cur troimhe 2-0.

Nàbaidhean

Bidh Caol Bhòid a-nise an aghaidh Camanachd an Òbain san iar-chuairt dheireannaich, is iadsan air soirbheachadh ann an dearbaidh a' bhaile 4-0 an aghaidh Celtic an Òbain.

Air thoiseach air sin, coinnichidh Caol Bhòid is Camanachd an Òbain sa chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach Disathairne seo tighinn.

Chaidh na Sgitheanaich - a bha as aonais ghrunnan - a-mach à Cupa a' Bhaile Mhòir Disathairne.

Rinn aon tadhal a' chùis dhan Ghearasdan ann am Port Rìgh, Bryan Simpson leis às dèidh 70 mionaid.

Bha là na b'fheàrr aig darna sgioba an eilein, is iadsan a' pronnadh Shrath Ghlais 10-1 ann an Canaich ann an Cupa Shrath Èirinn.

Chuir Màrtainn Pringle 4 tadhail dha na Sgitheanaich is Ross Gòrdan 3.

Sgrios

Cha do rinn a' chiad sgioba aig Srath Ghlais mòran na b'fheàrr, a' call 6-1 ri Cabair Fèidh san Lìog Nàiseanta.

Droch là uile gu leìr a bhith nad neach-glèidhidh à Srath Ghlais.

Sa gheama eile san Lìog Nàiseanta chuir Ailean Dòmhnallach 3 dha Inbhir Aora aig Pàirc a' Bhucht, is balaich Earra-Ghàidheal a' sgrios Inbhir Nis 10-0.

Bha na Greumaich cuideachd cruaidh air sgioba a' bhaile, Ruairidh Greumach agus a mhac, Ruairidh òg, le chèile air an targaid dha Inbhir Aora.

Ann an Lìog Tuath 2 chaill na Leòdhasaich 3-0 ann an Siabost ri darna sgioba Chabair Fèidh.

Bha seo car cruaidh air na h-eileanaich is iad co-ionnan 0-0 aig lethach slighe.

Tha piseach a' tighinn air na Leòdhasaich le barrachd gheamaichean, is bidh iad an dòchas a-nise puingean a chàrnadh thairis air an t-Samhradh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile