Urraman na Bàn-Righinn

  • 17 An t-Ogmhìos 2017
An Dr. Kenna Chaimbeul
Image caption Tha an Dr. Kenna Chaimbeul am measg na tha a' faighinn urraim MBE.

Tha liosta urraman cola-breith na Bàn-rìghinn air nochdadh, le Gàidheil am measg na tha a' faighinn urraim.

Tha urram MBE ga bhuileachadh air an Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid ann an Earra-Ghàidheal airson a chuid saothrach dhan Ghàidhlig agus dhan choimhearsnachd.

Tha cuideachd duais CBE ann do Mhairi Scanlon a bha bliadhnaichean na ball Tòraidheach dhan Ghaidhealtachd 's na h-Eileanan ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha cuideachd OBE ann do dhuine air an do chuir mòran sna h-Eileanan Siar eòla, Uisdean Seathach, a bha an sàs san obair theasairginn air an Transocean Winner an-uiridh. Tha esan a' faighinn urraim airson seirbheisean do shàbhailteachd mhara.

Agus tha cuideachd an Dr. Kenna Chaimbeul a' faighinn MBE airson seirbheisean do bhrosnachadh na Gàidhlig, do cheòl, agus do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.