Laura Nic an t-Saoir a' dèanamh adhartais

  • 16 An t-Ogmhìos 2017

Tha comas aig nighean sgoile à Barraigh a chaidh a fìor dhroch ghoirteachadh anns an ionnsaigh cheannairc ann am Manchester, ithe agus òl leatha fhèin, as aonais taic inneil.

Thuirt pàrantan Laura Nic an t-Saoir a tha còig bliadhna deug, gun robh i a' tighinn air adhart beag air bheag, ach gun robh rathad fada air thoiseach oirre.

Tha i an dèidh 's a bhith anns an ospadal ann am Manchester bhon a thachair an ionnsaigh fèin-mharbhtach air a' mhìos-sa chaidh.

Dh'eug a caraid, Eilidh NicLeòid a bha 14 anns an ionnsaigh, às dèidh cuirm ciùil Ariana Grande.

Chaill 22 am beatha aig Arena Mhanchester.