Obair air crann toirt buaidh air seirbheis rèidio

  • 16 An t-Ogmhìos 2017

Dh'fhaodadh daoine a tha ag èisteachd ri seirbheisean rèidio a' BhBC air a' Ghàidhealtachd seirbheisean a chall feasgar Dhihaione air linn obair-càraidh riatanaich.

Bidh na coimhearsnachdan a tha air am frithealadh leis a' chrann ann an Ros Maircnidh Rèidio nan Gàidheal, Rèidio Alba gus seirbheisean nàiseanta a' BhBC a chall gu 3:15f.

Chan eil seo a' toirt buaidh air seirbheisean DAB neo seirbheisean telebhisein.

Thòisich briseadh anns na seirbheisean mu 12:15f.

Thuirt am BBC ann an Alba gu bheil iad duilich airson an t-suidheachaidh.

Tha dùil gur e luchd-èisteachd timcheall air Inbhir Nis agus Linne Mhoireibh as motha a tha a' dol a dh'fhulaing.