Cobhair air sreapadair sa Mhonadh Ruadh

  • 16 An t-Ogmhìos 2017
An sgioba teasairginn Image copyright Cairngorm MRT
Image caption B' e seo an còigeamh turas ann an seachdain a rinn an sgioba cobhair air daoine sa Mhonadh Ruadh.

Rinneadh cobhair air sreapadair an dèidh dha tuiteam còrr is 30tr sa Mhonadh Ruadh Diardaoin.

Thuit an duine air Druim an Tarmachain, agus thugadh a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis e le heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Chuir Sgioba Teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh sgioba bheag chun na làraich, a bha doirbh faighinn thuige.

Thug caraidean a bha a' sreap leis an duine e gu sgeilf beagan cheudan troighean os cionn a' ghlinne.

Chuireadh fios air na seirbheisean èiginneach aig 4:05f, agus chaidh dithis bhall de Sgioba Theasairginn a' Mhonaidh Ruaidh, agus oifigear meidigeach an heileacoptair, ìsleachadh chun na làraich bhon itealan.

Bha air tighinn air an sgioba an duine a ghiùlain grunn uairean de thìde mura b' e an heileacoptair.

B' e sin an còigeamh turas taobh a-staigh seachdain a bha an sgioba air cobhair a dhèanamh air daoine sa Mhonadh Ruadh.