Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tùr Grenfell

Thuirt Rùnaire nan Coimhearsnachdan, Sajid Javid, gun dean an Riaghaltas na dh'fheumas airson a bhith cinnteach gu bheil togalaichean àrda "high-rise tower blocks" sàbhailte an dèidh an teine aig Tùr Grenfell ann an Lunnainn. Ach thuirt e gum bi freagairt an Riaghaltais stèidhichte air an fhianais a thig bho aithisg oifigeil an neach-sgrùdaidh. Thuirt Poilis gum bi e fìor dhoirbh dearbhadh co mheud duine a chaill am beatha. Tha fios ann gu bheil 17 duine marbh, agus tha na dusannan eile ann air nach eil sgeul.

Brexit

Thuirt an Seansalair, Philip Hammond, gur e dìon air cosnaidhean agus fàs eaconamach a bu chòir prìomhachas fhaighinn ann an còmhraidhean Bhrexit. Ach a' bruidhinn ann an Lucsamburg mus do thòsich coinneamh mhinistearan ionmhais an Aonaidh Eòrpaich, thuirt e gu bheil seasamh Bhreatainn fhathast mar a mhìnich Theresa May ann an òraid anns an Fhaoilleach, agus an uair sin anns an litir leis an do chuir i Artaigil 50 an sàs anns a' Mhàrt.

Rolls Royce

Thuirt Rolls Royce, a' chompanaidh a tha a' dèanamh einnsinnean do phlèanaichean gu bheil laigse an Not a' ciallachadh àrdachadh de £50m nam prothaidean. Tha a' chompanaidh a' faighinn am prothaid ann an Dollaireran, air a bheil luach nas motha bho thuit Sterling an dèidh referendum Bhrexit.

Sgoiltean

Tha dragh air Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd mun atharrachadh ann an stiùireadh sgoiltean. Thuirt Mairead Davidson gu bheil planaichean a dh'fhoillsich an Leas-Phrìomh Mhininstear John Swinney an-dè, a' ciallachadh nach bi uimhir de smachd aig ùghdarrasan ionadail air sgoiltean, agus gum bi sin a' tarraing chumhachdan air falbh bho na sgìrean.

Uisge na Hearadh

Chuir Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, dìon air fhèin bho chàineadh mun dòigh san do làimhsich e gearainnean mu shiostam an uisge ann an ceann a tuath na Hearadh. Tha feadhainn anns an sgìre diombach às an Dr. Allan, nach do choinnich e fhathast ri Rùnaire na h-Àrainneachd mun chùis. Thuirt an Dr. Allan gu bheil esan ag amas a-niste air coinneimh eadar oifigearan na Rùnaire, a' choimhearsnachd agus Uisge na h-Alba.