Allan ga dhìon fhèin mu uisge na Hearadh

  • 16 An t-Ogmhìos 2017
Goc uisge

Tha cuid ann an Ceann a Tuath na Hearadh a' càineadh BPA na sgìre, Alasdair Allan, airson mar a tha e air dèiligeadh ri suidheachadh siostam an uisge aca.

Thàinig e am follais nach do choinnich an Dr. Allan ri Rùnaire na h-Àraineachd mun chùis.

Tha am ball-pàrlamaid ag ràdh gu bheil e ag amas air coinneamh eadar oifigearan na Rùnaire, a' choimhearsnachd, agus Uisge na h-Alba, airson adhartas a dhèanamh.

Tha Innes Moireasdan à Amhainnsuidhe far a dhòigh le mar a chaidh a' chùis a làimhseachadh.

Coinneamh

"Tha Uisge na h-Alba ag obair a rèir stiùireadh Riaghaltas na h-Alba," thuirt e.

"'S ann an urra ris an Riaghaltas a tha seo an da-rìribh, agus leis an fhìrinn innse, bha am BPA againn fhìn gu math truagh air a' chùis air fad.

"Thuirt e gum faigheadh e coinneamh le Roseanna Choinneagan, am ministear a tha an urra ri Uisge na h-Alba, agus aig coinneimh Diluain dh'fhaighnich mi dha ciamar a chaidh leis le bhith a' cur na coinneimh sin air dòigh.

"Thuirt e gun do sgrìobh e thuice sa Mhàrt 's nach cuala e càil bhuaipe air ais.

"Dhomhsa dheth, bha am BPA againn fhìn gu math truagh a thaobh seo, a thaobh a bhith a' sabaid dhuinn, airson coimhearsnachd dhùthchail," thuirt e.

Thuirt an Dr. Allan gun robh e a-niste ag iarraidh coinneimh nas fharsainne.

"Bha mi a' sgrìobhadh gu Roseanna Choinneagan mu dheidhinn seo, agus a-rèir choltais cha bhi coinneamh ann leis a' mhinistear," thuirt e.

"Ach a-nis tha mi a' putadh airson coinneimh eadar oifigearan a' mhinisteir, a' choimhearsnachd agus Uisge na h-Alba, air sgàth 's gu bheil feum ann airson rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn a' ghothaich seo.

"Tha e a' fosgladh cuspair nas fharsainne cuideachd, agus 's e sin, dè tha sinn a' dèanamh ann an Alba mu dheidhinn daoine a th' air seirbheisean prìobhaideach airson an uisge aca.

"An dòigh a tha cùisean stèidhichte an-dràsta, chan eil dleastanas aig Uisge na h-Alba airson nan daoine sin.

"Chan eil sin a' cuideachadh nan daoine a th' anns an t-suidheachadh seo," thuirt e.

Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh na cheadaicheas stiùireadh an Riaghaltas agus na buidhne riaghlaidh dhaibh.