Ìmpidh mu chùis Bhilly Irving

  • 16 An t-Ogmhìos 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Billy Irving togail fianais sa phrìosan

Tha luchd-iomairt às leth Billy Irving - an geàrd tèarainteachd à Earra-Ghàidheal a chaidh a chur an grèim sna h-Ìnnseachan an 2013 - agus an còignear Bhreatannach eile a chaidh a chur an grèim còmhla ris, a' cumail a-mach gum feum an Riaghaltas mòran a bharrachd a dhèanamh mun chùis.

Tha iad ag ullachadh airson caismeachd ann an Lunnainn mu dheidhinn Dihaoine.

Bheir iad litrichean agus athchuinge dhan Phrìomhaire Theresa May.

"An-dràsta tha sinn a' feitheamh air breithneachadh an ath-thagraidh," thuirt cèile Bhilly Irving, Yvonne McHugh.

Seachnadh Bìdh

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh airson còrr is 120 là. Chan eil an suidheachadh gu math idir.

"Tha sinn a' dol sìos a Lunnainn airson fianais a thogail mun chùis, mu shianar Chennai.

"Tha sinn a' cruinneachadh le còrr is 200 seann shaighdear shìos an sin, agus bidh sinn a' dol bho Whitehall Place gu Sraid Downing, agus bidh sinn a' toirt seachad litrichean agus athchuinge dhan Phrìomhaire, Theresa May.

"Agus an uair sin suas gu Taigh nan Ìnnseachan airson athchuinge agus litir a thoirt do dh'Àrd-Choimiseanair nan Ìnnseachan.

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh còrr is 100 là airson breithneachadh an ath-thagraidh, agus na balaich a th' anns a' phrìosan, chan eil iad toilichte mu dheidhinn idir.

"Tha iad dìreach airson breithneachadh a bhith air a thoirt seachad, agus faighinn a-mach às a' phrìosan, no na ceumannan a tha a dhìth a thoirt airson rudeigin eile a dhèanamh airson faighinn air ais dhachaigh.

"Chan urrainn dha Billy tighinn a Lunnainn airson fianais a thogail, no gu leòr eile a tha mi fhèin agus na teaghlaichean eile a' dèanamh a dhèanamh, so tha a bhith a' seachnadh bìdhe a' toirt guth do Bhilly agus na balaich eile a th' anns a' phrìosan.

"Tha an Riaghaltas a' bruidhinn cus, agus chan eil iad a' dèanamh nan rudan a bu chòir dhaibh a bhith a' dèanamh.

"Chan eil mòran diofraichte an-diugh seach mar a bha e anns an Damhair 2013.

"Tha mise airson gum bi an Riaghaltas a' seasamh an-àirde, agus ag ràdh "tha fhios againn gu bheil na balaich neo-chiontach, tha fhios aig a h-uile duine gu bheil na balaich neo-chiontach, so mar sin dìreach, saoraibh iad" ", thuirt i.