Buidheann Ghàidhlig ùr aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • 16 An t-Ogmhìos 2017
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha a' Chomhairle an-dràsta a' tòiseachadh co-chomhairleachaidh air an treas Plana Gàidhlig aca.

Tha buidheann Ghàidhlig ùr gu bhith air Comhairle na Gàidhealtachd.

Bidh buidheann ro-innleachd Ghàidhlig a' cumail taic ris a' Chomhairle a thaobh plana Gàidhlig an ùghdarrais a thoirt gu buil.

Chaidh dragh mòr a thogail nuair a chaidh co-dh`unadh seann Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig air a' Chomhairle a chur an lùib Comataidh ùir an t-Sluaigh.

"'S e buidheann ùr a tha gus a bhith ann, ach tha mi a' smaoineachadh, an rud as cudromaiche dhuinne, gum bi e a' leantail air an obair uabhasach math a chaidh a dhèanamh leis a' chomataidh a bha ron seo," thuirt Priomh Mhanadsair Gàidhlig na Comhairle, Norma Young.

"Ach bha sinn a' feuchainn ri sin a leudachadh agus a thoirt air adhart, agus airson sin tha sinn ag iarraidh gum bi buill ann bho gach pàrtaidh agus oifigearan ag obair còmhla ri chèile airson an treas Plana Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd a thoirt air adhart.

"Bidh sinn a' biadhadh fiosrachaidh air ais dhan chomataidh ùir a tha gus a bhith air a stèidheachadh, agus tha sin gu math cudromach gum bi stiùireadh a' tighinn bho na buill air fad, agus gum bi dòigh ann airson fiosrachadh a chur air ais," thuirt i.

Tha seo a' tighinn 's a' Chomhairle air co-chomhairleachadh a thòiseachadh mun treas Plana Gàidhlig aca.

Bidh a' chiad coinneamh co-chomhairleachaidh ann am Port Rìgh Diluain.