Fred Talbot ga chur dhan phrìosan airson ionnsaighean feise

  • 15 An t-Ogmhìos 2017
Fred Talbot Image copyright PA

Chaidh binn phrìosain ceithir bliadhna chur air Fred Talbot, a bha roimhe na fhear-sìde air an telebhisean.

Bha Talbot, 67, air fhaighinn ciontach air a' mhìos a chaidh aig Cùirt an t-Siorraim ann an Lannraig de sheachd casaidean de dh'ionnsaighean drabasta air balaich a bha eadar 15 bliadhna agus 17 bliadhna a dh'aois.

Thachair iad seo air cuairtean sgoile ann an ceann a deas Alba agus air a' Chanal Chailleanach anns na 1970an agus 1980an, nuair a bha e na thidsear.

Tha Talbot mu thràth sa phrìosan ann an Sasainn fo bhinn airson ionnsaighean drabasta air dithis bhalach eile.

Thèid a' bhinn Albannach chur ri deireadh sin.