Seile is am Baile Mòr ag amas air adhartas

  • 15 An t-Ogmhìos 2017
Ball is caman

Tha cothrom aig Ceann Loch Seile is Baile Ùr an t-Slèibh a' bheàrn aig mullach na Prìomh Lìge a ghearradh Disathairne, is Caol Bhòid a' cluich ann an Cupa MhicAmhlaidh.

Tha sgioba Thaigh na Bruaich an-dràsta leotha fhèin aig a' mhullach, 3 puingean air thoiseach air Ceann a' Ghiuthsaich, 5 air thoiseach air Ceann Loch Seile, is 6 air thoiseach air Baile Ùr an t-Slèibh.

Thèid Seile a Dhrochaid an Aonachain Disathairne ann an geama a tha a-nise fìor chudromach dhaibh.

Tha iad air a bhith ag ionndrainn grunn chluicheadairean anns na seachdainean mu dheireadh, is an seusan aca ann an cunnart a dhol bhuaithe.

Às dèidh dhaibh an seusan a thòiseachadh cho math, tha sgioba Johnston Gill a-nise a-mach às na cupannan air fad, is chaill iad geama lìge 'son a' chiad uair an t-seachdain seo chaidh, 2-0 an aghaidh Ghleann Urchadain.

Staing

Dh'fhàg sin nach eil Ceann Loch Seile air buannachadh anns na ceithir geamaichean mu dheireadh, is chan eil an suidheachadh aca a' dol dad nas fheàrr le cunnart gum bi dithis chluicheadairean eile a dìth orra Disathairne.

Cha bhi cùisean furasta dhaibh ann an Drochaid an Aonachain is Loch Abar air èirigh far bhonn na lìge an t-seachdain seo chaidh.

Tha cùisean nas dòchasaich do Bhaile Ùr an t-Slèibh.

Bha ceistean gu leòr ann mun sgioba is iad a' call 2 gheama lìge tràth air an t-seusan.

Tha am Baile Ùr air na 4 geamaichean mu dheireadh aca a bhuannachadh, ge-tà, is iad a' togail Chupa MhicThàmhais an t-seachdain seo chaidh.

Cuideam

Thèid iad an aghaidh Lòbhait ann an Cill Tharghlain Disathairne.

Thig Caol Bhòid a Bhaile Ùr an t-Slèibh dà sheachdain sreath a chèile air an ath-mhìos ann an Cupa na Camanachd agus sa Phrìomh Lìog, dà gheama a bhios fìor chudromach.

Bidh am Baile Ùr ag amas air cumail orra a' buannachadh eadar seo is an uairsin gus cuideam a chur air Caol Bhòid a' dol a-steach dha na geamaichean sin.

Tha Caol Bhòid iad fhèin aig an taigh Disathairne an aghaidh Glaschu Meadhan Earra-Ghaidheal sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh.

Dh'fhaodadh gum bi an t-eagal air sgioba Ghlaschu a' dol a Thaigh na Bruaich, is iad mar-thà air call 3-0 is 7-0 an sin anns na beagan sheachdainean a dh'fhalbh.

Nàbaidhean

Sa gheama eile ann an Cupa MhicThàmhais Disathairne tha dearbaidh ann aig Gaineamhan eadar Celtic is Camanachd an Òbain.

Bha làmh an uachdair aig Camanachd sa gheama seo fad iomadh bliadhna, ach tha Celtic a' cluich aig ìre nàiseanta a-nise, is bidh iad ag amas co-dhiù air dùbhlan math a thoirt dha na nàbaidhean aca Disathairne.

Cuiridh na Sgitheanaich fàilte air a' Ghearasdan ann am Port Rìgh ann an Cupa a' Bhaile Mhòir.

Tha na h-eileanaich ann am beagan de staing iad fhèin le grunnan a dhìth orra an-dràsta.

Tha iad mar thà air sealtainn am-bliadhna, ge-tà, gum faodadh iad a bhith gle chunnartach aig an taigh anns na cupannan, is bidh iad ag amas air sin a dhearbhadh a-rithist.

Dòchas

Bidh an dàrna sgioba aca air falbh an aghaidh Shrath Ghlais Disathairne.

Ann an Siabost, bidh na Leòdhasaich an aghaidh Chabair Fèidh.

Rinn na Leòdhasaich na b'fheàrr an t-seachdain seo chaidh an aghaidh Shrath Ghlais, a' call 3-1 air a' cheann thall.

Bidh iad as aonais Dhòmhnaill MhicLaomain Disathairne, is e air corrag a bhriseadh sa gheama mu dheireadh.

Tha na Leòdhasaich air a' chùis a dhèanamh air Cabers aig an taigh roimhe, is bidh iad an dòchas sin a dhèanamh a-rithist agus an seusan aca a chur gu dol.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile