Eilean Eige a' comharrachadh 20 bliadhna

  • 15 An t-Ogmhìos 2017
Eilean Eige
Image caption 'S e Eilean Eige fear de na h-eileanan as lugha ann an Alba far a bheil sluagh a' còmhnaidh.

Tha muinntir Eilean Eige air a bhith a' comharrachadh 20 bliadhna bho a ghabh iad seilbh air an eilean.

Cheannaich iad an t-eilean ann an 1997, a' cur crìoch air trioblaidean fad bhliadhnaichean le uachdarain nach robh a' fuireach air an eilean.

Tha Eilean Eige mar phàirt de na h-Eileanan Tarsainn, còmhla ri Canaigh, Rùm agus Eilean nam Muc.

Anns an 20 bliadhna a dh'fhalbh, tha an àireamh de dhaoine a tha fuireach air an eilean air a dhol suas bho 64 gu còrr is 100 son a' chiad turas ann am iomadh bliadhna.

Tha 19 daoine òga air an eilean, cuid aca fo aois sgoile agus feadhainn eile sa bhun-sgoil neo san àrd-sgoil.

Thuirt Rùnaire Urras Dualchais Eilean Eige, Magaidh Fyffe, gu bheil cuid a bha air an eilean fhàgail son foghlam neo obair air tilleadh a dh'Eige.

"'S e dearbhadh a tha sin gur e àite soirbheachail a tha ann an Eilean Eige far a bheil daoine ag iarraidh fuireach ann" thuirt i.

Ach ged a tha daoine òga cudromach son an àm ri teachd, thuirt i cuideachd; "gu bheil tòrr aig na daoine na sine - cuid a tha air an dreuchdan a leigeil dhiubh, ri thoirt dhan coimhearsnachd fhathast.

"Ged a tha àireamh an sluaigh air a dhol suas chan eil dùil gun tig àrdachadh air an àireamh sin gu luath.

"Tha e caran doirbh àite fuirich a lorg agus feumaidh tu dòigh a lorg son beò-shlainte a dhèanamh."

Tha turasachd riatanach do dh'eaconamaidh an eilein, ach tha cuid an sàs ann an obraichean neo-àbhaisteach.

Thuirt Ms Fyffe gur e rud math a th' ann: "gu bheil daoine innleachdail gus dòighean cruthachail a lorg airson cosnadh a dhèanamh.

"Mar eisimpleir, tha neach-dealbhachaidh a' fuireach an seo a tha cuideachd na phaidhleat dròn."

Tha Eilean Eige cuideachd air cliù a chosnadh airson an dòigh anns a bheil iad a' cur cumhachd ath-nuadhachail an-sàs.

Às dèidh dhan choimhearsnachd an t-eilean a cheannach ann an 1997, tha na h-eileanaich air a bhith ag obair gus a' chuid as motha den dealain aca a chruthachadh bho phròiseactan ath-nuadhachail.

A bharrachd air sgeama beag hydro, tha iad cuideachd a' cruthachadh dealain le solas na grèine agus muilnean gaoithe.

Tha iad cuideachd air taighean aig prìsean reusanta a thogail mar fhreagairt do fhear de na dùbhlain a bu mhotha a bha romhpa cheanna - sin gun robh na h-uachdarain a' diùltadh cead fuirich a thoirt do dhaoine anns na taighean agus na gnothachasan aca a chumail.

Thuirt Iain Hutchison, a bha ag obair aig Comhairle na Gàidhealtachd aig an àm a chaidh an t-eilean a cheannach gun robh: "grunn mhath bhliadhnaichean de làmhachas-làidir ann agus gum b'fheudar dhan choimhearsnachd rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

"Thàinig an taic-airgid ann an dòigh ris an canar 'sluagh-maoineachadh' anns an là an diugh.

Thogadh £1.5m le taic bho mhòr-sluagh, Comhairle na Gàidhealtachd agus Urras Fiadh-bheatha na h-Alba - agus thug Iomart na Gàidhealtachd is nan Eilean grant de £17,000 seachad.

Ghabh na h-eileanaich seilbh air an eilean air 12 den Òg-mhios agus chaidh sreath de thachartasan a chumail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo