Obair a dhìth fhathast air siostam IT shubsadaidhean àiteachais

  • 15 An t-Ogmhìos 2017
Obair àiteachais Image copyright JASPERIMAGESCOTLAND
Image caption Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-alba ag ràdh gu bheil na duilgheadasan a' toirt buaidh mhòr air tuathanaich is croitearan.

Cha tèid an suidheachadh èiginneach anns a bheil siostam subsadaidh an àiteachais ann an Alba a chur ceart airson co-dhiù bliadhna eile.

Sin a-rèir aithisg bho Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba.

Tha iad ag ràdh gu bheil na duilgheadasan le airgead subsadaidh a sgaoileadh do thuathanaich agus croitearan a' toirt buaidh mhòr air a' ghnìomhachas, agus gum feum tuilleadh airgid a chosg airson an siostam IT a chur ceart.

Ann an 2012 chuir Riaghaltas na h-Alba proiseact IT air bhog gus deisealachadh airson ath-leasachaidh ann an Siostam Shubsadaidhean nan Tuathanach.

Bha iad an dùil coir air £4.5b de dh'airgead Eòrpach a sgaoileadh eadar 2014 agus 2020.

Adhartas

Ach tha am pròiseact air a bhith a' fulaing le duilgheadasan a tha air ciallachadh gu bheil cuid de dhaoine air a bhith a' feitheamh còrr is bliadhna airson an t-airgead aca fhaighinn.

Seo an treas aithisg bho Bhuidhinn Sgrùdaidh na h-Alba mun ghnothach.

Tha iad ag ràdh gum bi co-dhiù bliadhna eile ann mus tèid cùisean a chur ceart agus ged a tha adhartas ga dhèanamh, gu bheil cunnart ann gun tig càin airgid suas ri £60m bhon EU ri linn laigsean san t-siostam.

Chuir Rùnaire na h-Eaconamaidh Duthchail, Fergus Ewing, fàilte air an aithisg, ag ràdh gu bheil e a' sealltainn gu bheil piseach air thighinn air cùisean ach thuirt e nach robh e ag aontachadh gum faodadh càin airgid a thighinn orra.

Thuirt Aonadh nan Tuathanach nach eil an aithisg a' cur iongnadh sam bith orra.