Buaireadh am meud ann an sgoiltean Mhoireibh

  • 15 An t-Ogmhìos 2017

Thàinig còrr air dùblachadh air tachartasan fòirneirt agus buairidh ann an sgoiltean Mhoireibh thairis air bliadhna.

Bha aithisg a chunnaic comhairlichean na sgìre ag ràdh gun robh 823 tachartas ga leithid ann anns a' bhliadhna sgoile 2015/16.

Bha sin suas 377 tachartas air a' bhliadhna sgoile 2014/2015.

Chaidh tachartasan a chlàradh aig 24 bun-sgoiltean agus ochd àrd-sgoiltean.

Thuirt an aithisg gur e 19 sgoilearan a bha an sàs ann an 63% dhe na tachartasan.