Plana "nas fheàrr" airson Ionad Ceartais Inbhir Nis

  • 15 An t-Ogmhìos 2017
Dealbh neach-ealain de dh'Ionad ùr Ceartais Inbhir Nis Image copyright SCTS
Image caption Bidh an togalach ùr a' ciallachadh gun gabh obair na cùirte a ghluasad a-mach à Caisteal Inbhir Nis

Tha Seirbheis Chùirtean agus Thribiunalan na h-Alba (SCTS) ag ràdh gu bheil iad air na planaichean airson Ionad Ceartais Inbhir Nis a leasachadh.

Tha dùil gun tòisich obair air an ionad, a bhios eadar Rathad an Longman agus Rathad Bhurnett, ro dheireadh na bliadhna.

Nuair a bhios e deiseil, 's urrainn dha seirbheis nan cùirtean gluasad a-mach à Caisteal Inbhir Nis, agus faodaidh an caisteal a bhith air a leasachadh mar àite airson luchd-turais.

Thug comhairlichean Gàidhealach cead dealbhachaidh dhan phlana anns a' Ghearran.

Image copyright SCTS
Image caption Thuirt an SCTS gu bheil am plana ùr nas fheàrr

Thuirt an SCTS gun tèid feum nas fheàrr a dhèanamh de dh'àiteachan fuirich leis a' phlana ùr, gum bi àrainneachd phoblach bhrèagha ann agus gum bi tuilleadh àiteachan-parcaidh aig an ionad.

Tha dùil gun cur Robertson Contruction Earranta crìoch air a' mhòr chuid dhen obair ann an 2019.