Dachannan Chomhairle na Gàidhealtachd "sàbhailte"

  • 15 An t-Ogmhìos 2017
Daoine a' cuimhneachadh air an fheadhainn a bhàsaich ann an Tùr Ghrenfell Image copyright Getty Images

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' bruidhinn mu shàbhailteachd às dèidh teine Thùir Ghrenfell ann an Lunnainn.

Tha togalaichean le iomadh làr aig an ùghdarras ionadail, ach chan eil tùir aca.

Thuirt iad gu bheil innealan rabhaidh ceòtha anns a h-uile dachaigh aca, 's gu bheil iad riaraichte gu bheil iad sàbhailte.

Dh'iarr iad air duine sam bith aig an robh draghan mu shàbhailteachd fios a chur orra.

Thuirt a' chomhairle cuideachd gun robh iad a' cuimhneachadh air na daoine air an tug teine Thùir Ghrenfell buaidh.