Stiùdio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Teine Lunnainn

Nì meur sònraichte aig Luchd-smàlaidh Lunnainn sgrùdadh air Tùr Grenfell ann an Kensington airson feadhainn a chaill am beatha anns an teine a rinn sgrios air an toglach an-dè. Fhuair luchd-smàlaidh dhan a h-uile ceàrnaidh de na flataichean, ach dh'fhailich orra làn rannsachadh a dhèanamh agus dragh ann nach eil an togalach sàbhailte. Tha dearbhadh ann gun do chaill dusan duine am beatha, ach tha mòran eile ann air nach eil sgeul. Dh'iarr am Pàrtaidh Làbarach rannsachadh ro dheireadh an t-samhraidh air sàbhailteachd bho theine ann an togalaichean mar Tùr Grenfell. Agus tha feadhainn de dh'ùghdarrasan ionadail na h-Alba a' toirt sùil às ùr air sàbhailteachd ann an togalaichean àrda den aon sheòrsa.

Westminster

Coinnichidh Theresa May ri pàrtaidhean poileataigeach Èireann a Tuath aig Sràid Downing an-diugh. Tha ise a' feuchainn ri cur às do dhragh gun dèanadh càirdeas eadar na Tòraidhean agus an DUP aig Westminster cron air suidheachadh poileataigeach Èireann a Tuath agus air aonta na sìth.

Lib Deamaich

Thuirt seann Leas-Cheannard nan Libearalach Deamocratach, Sir Simon Hughes, gu bheil e duilich gun robh Tim Farron den bheachd gum feumadh e ceannas a' phàrtaidh a chur bhuaithe. Dh'fhalbh Mgr Farron an-dè agus e ag ràdh nach leigeadh a chreideamh mar Chrìosdaidh leis a dhleastanas a dhèanamh mar cheannard air pàrtaidh libearalach, adhartach. Tha e coltach gum bi Ed Davey agus Tormod Lamb a' seasamh airson na dreuchd, ach gum faodadh Vince Cable an obair a ghabhail airson ùine gus an tèid ceannard ùr ainmeachadh.

Airgead àiteachais

Thuirt Sgrùdadh Alba gu bheil laigse mhòr fhathast ann an siostam coimpiutair Riaghaltas na h-Alba airson subsadaidh an àiteachais. Tha an athaisg ag ràdh gum feum tuilleadh airgid a chosg air an t-siostam, a chosg ochd fichead 's ochd millean not mu thràth, agus gum bi bliadhna eile ann mus tèid cùisean a chur ceart. Tha coltas ann cuideachd gum faodadh an t-Aonadh Eòrpach càin de thrì fichead millean not a chur air Riaghaltas na h-Alba airson dàil ann am pàigheadh an subsadaidh do thuathanaich 's croitearan.

Aiseagan

Bheir Comataidh Chòmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar sùil air dè ghabhas dèanamh mu sheirbhisean aiseig a tha cho trang 's gu bheil aithrisean ann nach urrainn do dhaoine àite fhaighinn orra. Thuirt cathraiche na comataidh, Ùisdean Robasdan, gu bheil eileanaich a' faireachdainn mar "phrìosanaich air an eilean aca fhèin". Chuala a' chomataidh gum bi a' bhuidhean chòmhdhail HITRANS a' putadh airson tuilleadh sheòlaidhean eadar Steòrnabhagh 's Ulapul, agus eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.