CNES: "cumaibh ur gealladh"

  • 15 An t-Ogmhìos 2017
Tuath-gaoithe

Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar dhan Riaghaltas ag iarraidh gun tèid gealladh manifesto nan Tòraidhean air suidheachadh cumhachd ath-nuadhachail nan eilean a choileanadh.

Tha Dòmhnall Crichton, Cathraiche Leasachaidh na Comhairle, airson coinneachadh ri Rùnaire a' Chumhachd, Greg Clarke, anns an aithghearrachd.

Anns a' mhanifesto aca dhan taghadh, gheall na Tòraidhean taic a chumail ri pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail a bhiodh gu buannachd na coimhearsnachd ann an eileanan iomallach na h-Alba.

Càball

Thuirt Dòmhnall Crichton: "Tha sinn ag iarraidh a thoirt fa chomhair Greg Clarke cho cudromach sa tha e an càball dealain seo - an interconnector - fhaighinn airson eaconomaidh ionadail nan eilean.

"Bha Mgr Clarke shuas ann an Steòrnabhagh bho chionn dà mhìos, agus tha sinn ag iarraidh togail air an obair, agus an còmhradh 's an conaltradh a bh' againn còmhla ris an-dràsta."

Thuirt Maighstir Crichton gun dh'atharraich na Tòraidhean am beachd air cumhachd ath-nuadhachail le bhith a' gealltainn anns a' mhanifesto aca am bliadhna coimhead ri ciamar a dh'obraicheadh cumhachd ath-nuadhachail anns na h-eileanan.

Misneachd

Bha e ag ràdh: "Tha e gu math misneachail gun tàinig an t-eadar-dhealachadh a tha seo ann am poileasaidh nan Tòraidhean.

"Tha iad a-nis air ais nan Riaghaltas, agus tha sinn ag iarraidh na casan aca a chumail ris an teine gus an cum iad an gealladh seo."