Eileanaich "nam prìosanaich"

  • 15 An t-Ogmhìos 2017
MV Loch Seaforth

Nì a' bhuidheann chòmhdhail HiTRANS oidhirp gus tuilleadh sheòlaidhean aiseig fhaighinn eadar na h-Eileanan an Iar agus tìr-mòr, agus comhairlichean draghail mu cho trang sa tha na h-aiseagan.

Bhruidhinn Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar mun chùis Diciadain, agus tha cathraiche na comataidh, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gu bheil a' chùis cho dona 's gu bheil feadhainn de mhuinntir nan Eilean Siar mar phrìosanaich anns na h-eileanan aca fhèin.

Eaconomaidh

Thuirt Maighstir Robasdan: "Tha gu leòr ag ràdh gu bheil e a' tachdadh na h-eaconomaidh nach eil aiseagan gu leòr againn."

Thuirt riochaire HiTRANS gun robh iad a' coimhead air aiseag a bharrachd do shlighe Steòrnabhaigh agus dà aiseag a chur air an t-slighe eadar an Tairbeart, Ùige agus Loch na Madadh.

Bha Maighstir Robasdan ag ràdh: "Tha sinn cha mhòr a h-uile seachdain a' putadh sineach."

Prìosanaich

Bha e cuideachd ag ràdh: "Tha an inbox agam caran làn le feadhainn ag ràdh gu bheil iad nam prìosanaich air an eilean a-nis, agus tha mi a' smaoineachadh gum bi e doirbh faochadh fhaicinn air an seo gus an tig na h-aiseagan ùra uaireigin an ath-bhliadhna.

"Tha mi a' smaoineachadh gun toir sin piseach air a' ghnothach."