Barrachd airgid a dhìth airson siostam IT an àiteachais, a-rèir aithisg

  • 15 An t-Ogmhìos 2017

Cha tèid an suidheachadh èiginneach anns a bheil siostam subsadaidh an àiteachais ann an Alba a chur ceart airson co-dhiù bliadhna eile, a-rèir aithisg bho Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba.

Tha iad ag ràdh gu bheil na duilgheadasan le bhith a' sgaoileadh airgead subsadaidh dha tuathanaich agus croitearan a' toirt buaidh mhòir air a ghnìomhachas, agus gum feum tuilleadh airgid a chosg gus an siostam IT a chur ceart.

Tha maill an dèidh bhith air pàighidhean airson na ceudan de thuathanaich agus croitearan.

Tha an aithisg ag ràdh gum faodadh càin suas ri £60m a dhol air an riaghaltas fhathast.

Thuit Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gun deach adhartas a dhèanamh agus sgioba stiùiridh ùr air stèidheachadh.

Thuirt Aonadh nan Tuathanach nach eil an aithisg a' cur iongnadh sam bith orra.