An taghadh a chaill gach taobh

  • 14 An t-Ogmhìos 2017

Ged a tha a' ghrian a' deàrrsadh air Westminster, is glè bheag de shoilleireachd a tha mun cuairt.

Cha mhòr seachdain on chaidh an luchd-bhòtaidh do na bogsaichean-baileit tha barrachd ceistean na freagairtean againn mu na tha air fàire.

B' e seo an taghadh a chaill a h-uile duine.

Ged a tha fhuair iad barrachd suidheachan na càch ann an Alba, chaill an SNP 21 dhiubh, Aonghas Robasdan agus Ailig Salmond nam measg.

Ged a rinn Jeremy Corbyn na b' fheàrr na bha tòrr an dùil - gu leòr dhiubh anns a' phàrtaidh aige fhèin - tha na Làbaraich fhathast anns an dàrna àite, gun shlighe dhìreach gu Sràid Downing.

Agus, ged a chuir na Lib Deamaich ris na bha aca mu dheas agus mu thuath cha d'rinn iad cho do shoirbhich leotha taic mhòr fhaighinn bhon fheadhainn a bhòt an aghaidh Brexit an-uiridh.

Mearachd

Ach is ann le Theresa May a tha am fàiligeadh as motha.

Tha i fhathast ann an Àireimh a Deich a chionn 's nach eil duine eile bhon phàrtaidh aice fhèin deiseil an ainm a chur adhart.

B' fheàrr leotha leigeil leathase dèiligeadh ris gach duilgheadas a tha air fàire - agus bidh gu leòr ann.

Ach cha leig iad leatha am pàrtaidh a thoirt a-steach gu iomairt taghaidh eile às dèidh na mearachd mòire a rinn i, a dh'fhàg iad gun mhòr-chuid anns a' Phàrlamaid, gun taic shoilleir on t-sluagh agus gun fhios an tèid aca air polasaidh sam bith a chur an gnìomh.

Tha aonta ann leis an DUP a thèid a dhearbhadh a dh'aithghearr, far an cuir an deichnear Ultach taic ris a' bhuidseit agus ri Òraid na Banrigh.

Ach às dèidh sin, feumaidh do Theresa May taic a shireadh bhòt seach bhòt.

Aonta

Le còmhradh Brexit gus tòiseachadh an ath-sheachdain, chan urrainn dhi bhòtaichean a sheachnadh.

Bidh iomadh bile a dhìth gus an Rìoghachd Aonaichte a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach agus an-dràsta chan eil e soilleir dè a' bheachd a tha aig a' Phàrlamaid air an dòigh anns am fàg sinn an EU.

Bhòt mòr-chuid airson a fhàgail anns an reifreann an-uiridh.

Ach às dèidh mar a dh'fhàilig air Theresa May taic fhaighinn airson Brexit taobh a-muigh na margaid singilte tha cuid aig Westminster a-nis a' faighneachd a bheil dòigh ann gus sin a sheachnadh.

Nam measg, tha am prìomh mhinistear, Nicola Sturgeon, a sgrìobh do Theresa May an-diugh ag iarraidh oirre aonta a shireadh leis gach dùthaich anns an Rìoghachd Aonaichte air an t-slighe adhart.

Gu h-àraid, tha Ms Sturgeon air an aon rabh, cha mhòr, le Ruth Davidson, aig a bheil buidheann de 13 tòraidhean Albannach, nas motha na tha aig an DUP.

Còmhradh

Is ann don SNP, agus do Nicola Sturgeon fhèin, a tha cuid de na ceistean as duilghe.

Ged a tha cuid ag iarraidh orra dàrna reifreann a chur don dàrna taobh tha uallach oirre gun sin a dhèanamh, gu sònraichte às dèidh mar a dh'fhàilig air an SNP luchd-taic neo-eisimeileachd a bhrosnachadh chun na h-ìre is gun do dh'fhuirich tòrr dhiubh aig an taigh an t-seachdain a chaidh.

Is e an fhìrinn nach tig soilleireachd air a' cheist sin - no air tòrr eile - gum faic sinn dè thig a-mach às a' chòmhradh leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Do Theresa May - a bha aig iarraidh làmh nas treasa bhon luchd-bhòtaidh - bidh an còmradh sin nas duilghe a-nis.

Chan eil fhios aig duine air tèid aice, no aig an neach a thig na h-àite, air an riaghaltas - no an Rìoghachd - a chumail còmhla aig a' cheann-thall.

Chaill gach taobh diardaoin - a-nis tha cothrom agus cunnartan ùra air thoiseach orra.