Marina ùr dha na Hearadh ceum nas fhaisge

  • 14 An t-Ogmhìos 2017
Iacht

Tha marina ùr ann an Ceann a Tuath na Hearadh ceum nas fhaisge le dearbhadh air a' chuid mu dheireadh den airgead airson a' phroiseict.

Thàinig Maoin Coimhearsnachdan nan Costaichean air adhart le taic £300,000.

Tha sin a' fàgail gu bheil an t-suim air an robh Buidheann Leasachaidh na Hearadh ag amas - £1.35m - a-nise aca.

Thèid goireasan pontoon a stèidheachadh air an Tairbeart agus ann an Scalpaigh.

Bidh 50 pontoon ann eadar an dà làraich, a' ciallachadh gum bi 100 àite ann do bhàtaichean.

Tha goireasan mar seo mar-thà air feum a dhèanamh ann an àiteachan eile anns na h-Eileanan na Iar, is tha Buidheann Leasachaidh na Hearadh an dòchas gun tig buannachdan gu leòr.

"Bheir e tòrr bhàtaichean-siubhail a-staigh", thuirt Aonghas Caimbeul, a th' air Bòrd Buidheann Leasachaidh na Hearadh.

"Tha bùth sa bhaile le clò aca, is tha taigh-staile an seo a-nise, is tàlaidh sinn daoine a-staigh"

Thathas an dùil gum bi na goireasan ùra deiseil aig toiseach 2018.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile