'S e Iain Blackford ceannard ùr an SNP aig Westminster

  • 14 An t-Ogmhìos 2017
Image copyright SNP

'S e Iain Blackford, Ball Pàrlamaid Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, ceannard ùr an SNP aig Westminster.

'S e Ciorstaidh Blackman BP an leas-cheannard.

Thuirt Maighstir Blackford gum biodh buill an SNP a' seasamh suas airson Alba agus a' seasamh aig na Tòraidhean.

Le 35 buill, 's e an SNP an treas pàrtaidh as motha aig Westminster.

"Àm cudromach"

Thuirt Mgr Blackford: "'S e urram a th' ann a bhith air mo thaghadh mar cheannard bhuidhinn an SNP aig an àm chudromach seo.

"Bidh barrachd buaidh aig an SNP seach gur e pàrlamaid chrochte a th' ann, agus le còmhraidhean Brexit air fàire, cha robh e a-riamh cho cudromach gun tèid guth na h-Alba a chluinntinn."

Eòlas

Thuirt Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, gu bheil mòran eòlais aig Mgr Blackford agus gun do rinn e mòran obrach bho chaidh a thaghadh na bhall pàrlamaid ann an 2015.

Sheas dithis eile airson na dreuchd - am ball Gàidhealach Drew Hendry agus Joanna Cherry.

Bha an dreuchd bàn às dèidh dhan t-seann cheannard aig Westminster, Aonghas Robasdan, an suidheachan aige a chall aig an taghadh an t-seachdain a chaidh.