Stiùdio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Teine Lunnainn

Chan eil fhios fhathast co-mheud duine a bhàsaich ann am bloc flataichean air taobh siar Lunnainn. Chaidh còrr is leth-cheud duine a thoirt dhan ospadal. Thòisich an teine ann an ceann a tuath Khensington goirid an dèidh uair sa mhadainn agus sgaoil e air feadh an togalaich anns am bheil ceithear làr thar fhichead. Thuirt Seirbheis Smàlaidh Lunnainn gu bheil iad fhathast a' coimhead airson daoine am broinn an togalaich. Mhol Mèar Lunnainn, Sadiq Khan, na seirbhisean airson cho luath 's bha iad air an làraich agus mar a dhèilig iad ris an t-suidheachadh an dèidh sin.

Westminster

'Se tuigse a' BhBC, an dèidh an teine ann an Lunnainn, gum bi dàil ann an aonta ainmeachadh eadar an DUP agus an Riaghaltas Tòraidh ann an Westminster an-diugh. Bha aithrisean ann gum biodh aonta ann an-diugh, ach tha e coltach nach tachair sin chun ath-sheachdain agus gum faodadh sin dàil a chur ann an còmhraidhean Brexit, a bha ri tòiseachadh an ath-sheachdain.

Cion cosnaidh

Tha ìre cion cosnaidh an Alba aig an ìre as lugha bho bha an crìonach eaconomaigeach ann. Tha e a-nis aig 4%, a' tuiteam 0.6% air na trì mìosan mu dheireadh.

Iasgach

Tha iasgairean clèibh ag iarraidh casg air tràlairean bho sgìrean faisg air cladaichean a' chost an iar. Tha iad ag ràdh gum biodh ceithir cheud gu leth bàta ùr anns a' ghìomhachas agus seachd ceud cosnadh a bharrachd air sin. Ach tha Caidreachas Iasgairean na h-Alba ag ràdh gun cuireadh sin às do mhòran de na tràlairean a tha ag iasgach mu na cladaichean.