Teagamhan mu phlanaichean Uisge na h-Alba anns na Hearadh

  • 14 An t-Ogmhìos 2017
Ceann a Tuath na Hearadh Image copyright Iain MacIllEathain

Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh teagmhach mu phlanachan Uisge na h-Alba airson leasachadh air an loidhne uisge eadar An Tairbeart agus Hùisinis.

Bha dùil gun tòiseachadh obair leasachaidh na bu tràithe am bliadhna, ach chaidh stad a chur air is Uisge na h-Alba ag ràdh gun robh cosgaisean air èirigh gu mòr.

Moladh ùr

A-nise, tha iad a' moladh £2.5m a chosg eadar leasachadh aig ionad-uisge Ghòbhaig agus còig cilemeatair de phìob eadar sin agus Hùisinis.

Tha planaichean aca cuideachd airson tanca ùr ann am Miabhaig nam Beann agus an t-ionad uisge ann an Cliasmol a chumail.

Tha dùil gun cur iad crìoch air an obair sin ro deireadh na h-ath-bhliadhna.

Thuirt Urras Cheann a Tuath na Hearadh gu dòcha gum faigh daoine a tha a' fuireach eadar Gòbhaig agus Hùisinis buannachd às, ach nach atharraich mòran do dhaoine a tha a' fuireach eadar Cliasmol agus Bun Abhainn Eadarra.

Uibhist a Tuath

Ann am brath-naidheachd fa-leth, thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad a' dol a chosg £15m not air leasachaidhean ann an Uibhist a Tuath.

Thuirt iad gun tòisich obair air ionad uisge ùr ann an Loch nam Madadh an ceann beagan mhìosan agus gu bheil obair mu thràth a' dol air prìomh loidhne uisge ùr eadar Loch nam Madadh agus Ceann a' Bhàigh.

Thuirt iad gu bheil na pròiseactan-sa mar phàirt de leasachaidhean luach £60m not ris a bheil dùil air feadh nan Eilean Siar ron bhliadhna 2021.